Chan eil féill air gadaiche
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF326i06i1 CHAN EIL FÉILL AIR GADAICHE
Beulaiche: Lachlann Dhòmhnaill Nìll | Lauchie MacLellan
[Lauchie MacLellan:] Bha mo sheanair, bha e 'na iasgair. Bha nàbaidh dha, car mu 'n aon aois, 'na iasgair cuideachd. Ach thuit a-mach gu robh mo sheanair, gu robh beinn do choille chruaidh aige. Bha coille chruaidh aig an fhear eile, ach bha i a-mach dà mhìle. Is dé thuit a-mach ach gun d' thàinig àiteamh mór, nunn meadhan a' gheamhraidh. Is chan fhaigheadh a' nàbaidh 'mach airson maide connaidh fhaighinn. Agus ghabh e dànadas air a charaid is thug e leis maide do chonnadh. Thàinig e sin a-nuas, dh'inns e dha. Thuirt e, "Thug mi leam maide do chonnadh," thuirt esan, "às a' bheinn agad."
"O," thuirt Niall, "chan eil féill air gadaiche."
[John Shaw:] Seadh.
[LML:] Gadaiche, 's e sin mèirleach.
[JS:] 'S e.
[LML:] Agus chan eil féill idir air, chan eil là féilleadh ann idir. Bheir e leis là sam bith e.
Notes (fieldnotes):
"PROVERB WITH ACCOMPANYING STORY"