Tha mu chùl a' chruidh-laoigh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF325i05 THA MU CHÙL A' CHRUIDH-LAOIGH
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Tar-sgrìobhadh: An t-Oll. Iain Seathach | Dr. John Shaw
Seann-òran luaidh chuala mi—ó bha—tha fhios gu bheil còrr mór is trì fichead bliadhna bhon a chuala mi. Is tha ùine mhóir bhon turas mu dheireadh a chuala mi, bhith ghabhail rannan dheth. Fear—'s e feumaidh gur e seòrsa de—gur e òran luaidh a bh' ann. 'S e:
Tha mu chùl a' chruidh chais-fionn.
Tha mu chùl a' chruidh-laoigh.
A mhic Eóghainn 'ic Lachlainn.
Tha mu chùl a' chruidh-laoigh.
Chunna mis' thu an-dé seachad.
Tha mu chùl a' chruidh-laoigh.
Cha do thabhail thu m' fhaicinn.
Tha mu chùl a' chruidh-laoigh,
Tha mu chùl a' chruidh chais-fionn.
Tha mo phàirtean air acras.
Tha mu chùl a' chruidh-laoigh.
'S ann a ghabh orm seachad.
Tha mu chùl a' chruidh-laoigh.
'S dé eile fo tasgadh?
Tha mu chùl a' chruidh-laoigh.
Sin na h-eil cuimhn' agam air a chluinntinn.