GF325i05 THA MU CHÙL A' CHRUIDH-LAOIGH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Tar-sgrìobhadh: An t-Oll. Iain Seathach | Dr. John Shaw Seann-òran luaidh chuala mi—ó bha—tha fhios gu bheil còrr mór is trì fichead bliadhna bhon a chuala mi. Is tha ùine mhóir bhon turas mu dheireadh a chuala mi, bhith ghabhail rannan dheth. Fear—'s e feumaidh gur e seòrsa de—gur e òran luaidh a bh' ann. 'S e: Tha mu chùl a' chruidh chais-fionn. Tha mu chùl a' chruidh-laoigh. A mhic Eóghainn 'ic Lachlainn. Tha mu chùl a' chruidh-laoigh. Chunna mis' thu an-dé seachad. Tha mu chùl a' chruidh-laoigh. Cha do thabhail thu m' fhaicinn. Tha mu chùl a' chruidh-laoigh, Tha mu chùl a' chruidh chais-fionn. Tha mo phàirtean air acras. Tha mu chùl a' chruidh-laoigh. 'S ann a ghabh orm seachad. Tha mu chùl a' chruidh-laoigh. 'S dé eile fo tasgadh? Tha mu chùl a' chruidh-laoigh. Sin na h-eil cuimhn' agam air a chluinntinn.