Có mheud adhairc a th' air a' bhoc?
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF319i06 CÓ MHEUD ADHAIRC A TH' AIR A' BHOC?
Beulaiche: Lachlan Dhòmhnaill Nìll | Lauchie MacLellan
[Lauchie MacLellan:] Tha cuimhn' a'm, dar a rachainn a-nunn gu far am biodh mo sheanair 'na shuidh' agus theirinn ris, "Có meud adharc a th' air a' bhoc?"
"Gheobh sinn sin a-mach," theireadh mo sheanair. Agus bha na meuran aige cheart cho cam ris na meòirean agam-as agus dhùnadh e a dhòrn mar siud agus chuireadh e mun cuairt air mullach mo chinn e. Thogadh e aon, no thogadh e an òrdag.
[John Shaw:] Thogadh.
Theireadh e:
"[Ionarcain?] is [uatharcain?],
Cùl an dùirn, maid' an dorais,
Tomhais agus tomhais romhad,
Có meud adharc a th' air a' bhoc?"
"Tha a' dhà air."
"Tha 's briagach am boc,
Chan fhaigh e a shuipear a-nochd,
Thig a cheann a' chur air stob,
Thig a mharagan 'sa phoit.
[Ionarcain?] is [uatharcain?],
Cùl an dùirn, maid' an dorais,
Tomhais agus tomhais romhad,
Có meud adharc a th' air a' bhoc?"
Chuireadh mo sheanair an uair sin suas trì dhe na meòirean.
"Tha trì ann!" Theirinn-sa.
"'S fìrinneach am boc,
Gheobh e shuipear a-nochd,
Cha tig a cheann a' chur air stob,
Cha tig a' mharagan 'sa phoit.
[Ionarcain?] is [uatharcain?],
Cùl an dùirn, maid' an dorais,
Tomhais agus tomhais romhad,
Có meud adharc a th' air a' bhoc?"