GF319i06 CÓ MHEUD ADHAIRC A TH' AIR A' BHOC? Beulaiche: Lachlan Dhòmhnaill Nìll | Lauchie MacLellan [Lauchie MacLellan:] Tha cuimhn' a'm, dar a rachainn a-nunn gu far am biodh mo sheanair 'na shuidh' agus theirinn ris, "Có meud adharc a th' air a' bhoc?" "Gheobh sinn sin a-mach," theireadh mo sheanair. Agus bha na meuran aige cheart cho cam ris na meòirean agam-as agus dhùnadh e a dhòrn mar siud agus chuireadh e mun cuairt air mullach mo chinn e. Thogadh e aon, no thogadh e an òrdag. [John Shaw:] Thogadh. Theireadh e: "[Ionarcain?] is [uatharcain?], Cùl an dùirn, maid' an dorais, Tomhais agus tomhais romhad, Có meud adharc a th' air a' bhoc?" "Tha a' dhà air." "Tha 's briagach am boc, Chan fhaigh e a shuipear a-nochd, Thig a cheann a' chur air stob, Thig a mharagan 'sa phoit. [Ionarcain?] is [uatharcain?], Cùl an dùirn, maid' an dorais, Tomhais agus tomhais romhad, Có meud adharc a th' air a' bhoc?" Chuireadh mo sheanair an uair sin suas trì dhe na meòirean. "Tha trì ann!" Theirinn-sa. "'S fìrinneach am boc, Gheobh e shuipear a-nochd, Cha tig a cheann a' chur air stob, Cha tig a' mharagan 'sa phoit. [Ionarcain?] is [uatharcain?], Cùl an dùirn, maid' an dorais, Tomhais agus tomhais romhad, Có meud adharc a th' air a' bhoc?"