Back to recordings

Òran a' Mhathain

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF317i02 ÒRAN A' MHATHAIN


Beulaiche: Dòmhnall Ruairidh Aonghais Dhòmhnaill Uilleim | Donald MacLeod
Bàrd: Uilleam mac Ghilleasbuig | William MacVicar


[Séist:] E horo mo Mhàiri, 's tu mo Mhàiri ghrinn,
E horo mo Mhàiri, 's tu mo Mhàiri ghrinn,
E horo mo Mhàiri, 's tu mo Mhàiri ghrinn,
Mhàiri laghach, bhòidheach, rugadh anns na glinn.


Chan e idir Màiri ach an,
nighean fada bhuaithe,
Ach am beathach 's e cho slìgeach—cho grannda,
'S tha an dràsda mu chuairt,
—Rium 'ga ràdh,
Gun d' thàinig e bho 'n tuath,
Steach o chùl Beinn Dhòmhnaill,
Gu àite Dhòmhnall Ruaidh.


'S ann air bha bilean bàna air,
Is moilean àrda cruinn,
Cluasan biorach is dàna,
Air àrainn a chinn,
Earball goirid geàrra,
[Ceathramh] slàn mun druim,
Ceathramh deiridh a's e,
Màgach man le-chinn.


Sin na labhair Màiri,
"'S e mathan a th' ann,
Beathach slìgeach grannda,
Nach dean car ach call,
Cha bhi caor' air fearann,
No coineanach a bh' aig gleann,
Na bi ruith 's a' gearan',
'S e cho dealach thall."


Sin a labhair Dòmhnall,
"Ma nì còmhradh feum,
Ma nì tuagh is forc-fheòir e,
Seòlaidh e gun fheum,
Ma thig e nam chòir-sa.


[M' fhordsaidh/Ma tig?] e fo sgéith,
Gheibh e naidheachd a bhios neònach,
Leònar le stéig.


Chaidh 'ad ann nan sìneadh,
[Is mìle a?] bha dol luath,
Nuair a dhùisg am "Mótag,"
Duine a bh' aig an t-uan;
An laogh a-muigh air ròp',
[?] do mhòide fuaim,
'S am bear ann le ràin,
'Dol an còmhl' a-nuas.


Gill' a-muigh ag ràitinn,
Nach fhac' e sian ann fo [sìn?],
Gu robh e ann mu thrath,
Mìle astar dhe mo chinn,
Gu faca e ann trath ann [?],
As a' phàircidh e leis [fhéin?],
Do 'n a' chùl air [còigeamh?],
Leòn [a deireadh linn?].


Dh'fhàg e aon dhiubh [mart?],
'S e 'n creautair-sa bha truagh,
Le gin do dh'acras thall is e [le?/ glé fhuar?],
Tha e doirbh a chreidsinn,
Rud a thàinig ann mun cuairt,
Shuidh e an àite Peigi,
'S fhuair e beagan duan.


'S ann am banca [hall?],
Bu t-àite nach robh sian,
Dh'fhàg 'ad gu madainn,
Is cha do dh'fhaighneachd sian,
Shuidh e aghaidh air na coinneamh,
Dol sìos gu sìth,
Gu robh e aig àite Peigi,
Air bheagan gu trì.

Reference sources:
Cape Breton's Magazine, no. 74 (June 1999), p. 83

Donald MacLeod
Boston Ùr | New Boston 4 recordings Faic pròifil | view profile