GF317i02 ÒRAN A' MHATHAIN Beulaiche: Dòmhnall Ruairidh Aonghais Dhòmhnaill Uilleim | Donald MacLeod Bàrd: Uilleam mac Ghilleasbuig | William MacVicar [Séist:] E horo mo Mhàiri, 's tu mo Mhàiri ghrinn, E horo mo Mhàiri, 's tu mo Mhàiri ghrinn, E horo mo Mhàiri, 's tu mo Mhàiri ghrinn, Mhàiri laghach, bhòidheach, rugadh anns na glinn. Chan e idir Màiri ach an, nighean fada bhuaithe, Ach am beathach 's e cho slìgeach—cho grannda, 'S tha an dràsda mu chuairt, —Rium 'ga ràdh, Gun d' thàinig e bho 'n tuath, Steach o chùl Beinn Dhòmhnaill, Gu àite Dhòmhnall Ruaidh. 'S ann air bha bilean bàna air, Is moilean àrda cruinn, Cluasan biorach is dàna, Air àrainn a chinn, Earball goirid geàrra, [Ceathramh] slàn mun druim, Ceathramh deiridh a's e, Màgach man le-chinn. Sin na labhair Màiri, "'S e mathan a th' ann, Beathach slìgeach grannda, Nach dean car ach call, Cha bhi caor' air fearann, No coineanach a bh' aig gleann, Na bi ruith 's a' gearan', 'S e cho dealach thall." Sin a labhair Dòmhnall, "Ma nì còmhradh feum, Ma nì tuagh is forc-fheòir e, Seòlaidh e gun fheum, Ma thig e nam chòir-sa. [M' fhordsaidh/Ma tig?] e fo sgéith, Gheibh e naidheachd a bhios neònach, Leònar le stéig. Chaidh 'ad ann nan sìneadh, [Is mìle a?] bha dol luath, Nuair a dhùisg am "Mótag," Duine a bh' aig an t-uan; An laogh a-muigh air ròp', [?] do mhòide fuaim, 'S am bear ann le ràin, 'Dol an còmhl' a-nuas. Gill' a-muigh ag ràitinn, Nach fhac' e sian ann fo [sìn?], Gu robh e ann mu thrath, Mìle astar dhe mo chinn, Gu faca e ann trath ann [?], As a' phàircidh e leis [fhéin?], Do 'n a' chùl air [còigeamh?], Leòn [a deireadh linn?]. Dh'fhàg e aon dhiubh [mart?], 'S e 'n creautair-sa bha truagh, Le gin do dh'acras thall is e [le?/ glé fhuar?], Tha e doirbh a chreidsinn, Rud a thàinig ann mun cuairt, Shuidh e an àite Peigi, 'S fhuair e beagan duan. 'S ann am banca [hall?], Bu t-àite nach robh sian, Dh'fhàg 'ad gu madainn, Is cha do dh'fhaighneachd sian, Shuidh e aghaidh air na coinneamh, Dol sìos gu sìth, Gu robh e aig àite Peigi, Air bheagan gu trì.