Back to recordings
An Cat 's an Luchag
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF315i12 AN CAT 'S AN LUCHAG
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
An cat 's a' luchag.
[Séisd:] Dh'fhalbh an fhidheall, fhidheall, fhidheall,
Dh'fhalbh an fhidheall, fhidheall, é.
Thuirt a' luchag 's i 'san toll,
Gu dé fonn ort, a chait ghlais.
'S dh'fhalbh an fhidheall… an uair sin 'ga sheinn:
Càirdeas is comunn is gaol,
Faodaidh sibhse tighinn a-mach.
Dh'fhalbh an fhidheall, fhidheall, é… 's an deoghaidh sin:
Ach thuirt—fhreagair a' luchag—thuirt i:
Mharbh thu mo phiuthar an dé,
'S thàrr mi fhìn air éiginn ás.
Dh'fhalbh an fhidheall—rann—bha an t-séisd sin, ach an uair sin bha—thuirt i:
'S mór m' eagal ro 'n dubhan crom,
Tha shìos am bonn do dhà chois.
Agus sin mar a—na chuala mis' air a'—air a' rann.