GF315i12 AN CAT 'S AN LUCHAG Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil An cat 's a' luchag. [Séisd:] Dh'fhalbh an fhidheall, fhidheall, fhidheall, Dh'fhalbh an fhidheall, fhidheall, é. Thuirt a' luchag 's i 'san toll, Gu dé fonn ort, a chait ghlais. 'S dh'fhalbh an fhidheall… an uair sin 'ga sheinn: Càirdeas is comunn is gaol, Faodaidh sibhse tighinn a-mach. Dh'fhalbh an fhidheall, fhidheall, é… 's an deoghaidh sin: Ach thuirt—fhreagair a' luchag—thuirt i: Mharbh thu mo phiuthar an dé, 'S thàrr mi fhìn air éiginn ás. Dh'fhalbh an fhidheall—rann—bha an t-séisd sin, ach an uair sin bha—thuirt i: 'S mór m' eagal ro 'n dubhan crom, Tha shìos am bonn do dhà chois. Agus sin mar a—na chuala mis' air a'—air a' rann.