Back to recordings

Dùghall nan Sròine

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF315i01 DÙGHALL NAN SRÒINE


Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
Bàrd: Niall mac Dhòmhnaill nan Òran | Neil MacLeod


[Séist:] Will you marry me, my bonnie, bonnie lassie,
Will you marry me my dandy,
Answer me my highland lassie,
'S fhada bho 'n a bha mis' an geall ort.


Bha balach as an dùthaich ris an can 'ad Dùghall,
'S fhada bha an dùil aige pòsadh,
Ged a tha e liùgach is car na shùilean,
Gur e a mhill a chùis ach an sròin air.


Coma leat a Dhùgaill, ged a tha thu liùgach,
Ged a tha na saighdearan gòrach,
Gheobh thu caileag chliùiteach agus té bha rùn dhut,
Agus chan aithnich i do chùl ach an sròin ort.


Anna Bheag a' chùbair caileag laghach shunndach,
Ged a tha i gun ionntas gun stòras,
Ghabhadh ise Dùghall ged a tha e liùgach,
Nam biodh fad na lùdaig a shròin air.


Thuirt nighean an tàillear 's ann agaibh bh’ a' ghabhadh dha,
"Fàg thu na sàs ‘s i an òinseach”,
Rachainn gam mo bhàthadh a-mach a Rubh' an Tòisich,
Mus gabhainn ‘s beag ol’ a' cur an shròin air.


Truagh dha na bocain, caileag chruaidh-fhortain,
Bho 'n a chuir e cosgadh an t-samhraidh,
Ged a fhuair e bìdeag à nighean Mhurdock Lìsidh
Gun do phàigh e prìs a bha deamhnaidh.


Notes (fieldnotes):
"LEARNED FROM MOTHER"

Reference sources:
Clàrsach an Doire: Dàin agus Òrain, Niall MacLeòid (1883), p. 105

John Shaw
Abhainn a' Chùbair | Indian Brook 55 recordings Faic pròifil | view profile