Back to recordings
'Ille dhuinn, hò gù
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF106i03 'ILLE DHUINN, HÒ GÙ
Beulaiche: Tena ni'n Frank Mhìcheil Ruaidh | Christina Marley
[Séist:] 'Ille dhuinn, hò gù
Hao ri ri 's na ho ro
'Ille dhuinn hò gù
'S théid mi 'mach moch DiLuain
Leageadh tuagh ann am dhòrn
'S chan e simileir bhios ann
'S fheàrr le maighdeann a' stobh
'S nì mi figheadh 'san taigh
Fichead troigh agus còrr
Is bi mo làmh fo do cheann
Is cha bhi maill orr’ a' phòg
'S bidh mi oidhche ri d' thaobh
Dheànamh maill 's na bheil beò
'S 'ille dhuinn a' chinn duinn
'S e do ghràdh fhuair mi òg
'S 'ille dhuinn a' chinn bhàin
'S e do ghràdh rinn mo leòn
'S truagh nach mise 's mo ghràdh
Bha an àrd bheinn a' cheò
Far an cluinnte na féidh
'S far an éibh damh na cnoic
'S còta dearg 's boineid ghorm
Deis' an airm rinn mo leòn