GF315i01 DÙGHALL NAN SRÒINE Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw Bàrd: Niall mac Dhòmhnaill nan Òran | Neil MacLeod [Séist:] Will you marry me, my bonnie, bonnie lassie, Will you marry me my dandy, Answer me my highland lassie, 'S fhada bho 'n a bha mis' an geall ort. Bha balach as an dùthaich ris an can 'ad Dùghall, 'S fhada bha an dùil aige pòsadh, Ged a tha e liùgach is car na shùilean, Gur e a mhill a chùis ach an sròin air. Coma leat a Dhùgaill, ged a tha thu liùgach, Ged a tha na saighdearan gòrach, Gheobh thu caileag chliùiteach agus té bha rùn dhut, Agus chan aithnich i do chùl ach an sròin ort. Anna Bheag a' chùbair caileag laghach shunndach, Ged a tha i gun ionntas gun stòras, Ghabhadh ise Dùghall ged a tha e liùgach, Nam biodh fad na lùdaig a shròin air. Thuirt nighean an tàillear 's ann agaibh bh’ a' ghabhadh dha, "Fàg thu na sàs ‘s i an òinseach”, Rachainn gam mo bhàthadh a-mach a Rubh' an Tòisich, Mus gabhainn ‘s beag ol’ a' cur an shròin air. Truagh dha na bocain, caileag chruaidh-fhortain, Bho 'n a chuir e cosgadh an t-samhraidh, Ged a fhuair e bìdeag à nighean Mhurdock Lìsidh Gun do phàigh e prìs a bha deamhnaidh.