Back to recordings
Òran Sleighe Chaluim Boyd
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF306i14 ÒRAN SLEIGHE CHALUIM BOYD
Beulaiche: Iain Raghnall Dhòmhnuill Iain | John Rannie MacKeigan
Bàrd: A. A. MacDonald
[Séist:] O hao rithill a bha ho
O hao rithill a bha ho
Hao ribh 'illean, togaibh fonn
Mo chridhe trom 's cha neònach.
Ann an t-sleighe aig Calum Boyd
Air a bheil an [gunna?] fine
Nuair a bhiodh e a-measg nan Gàidheal
Bhiodh faighneachd air 'n t-seòrsa.
Chuir e oirre bogsa làidir
Rinn iad biorach anns a' bhàrr e
Dh'fhàg e leathainn anns an t-sàil e
Cumadh e aig an oir e
Fhuair e beamaichean à Boston
'S math a' saor a rinn a locrach
Cinn oirre mar am biodh air plocan
Bhiodh a crot de dh'eòrn' ann.