GF306i14 ÒRAN SLEIGHE CHALUIM BOYD Beulaiche: Iain Raghnall Dhòmhnuill Iain | John Rannie MacKeigan Bàrd: A. A. MacDonald [Séist:] O hao rithill a bha ho O hao rithill a bha ho Hao ribh 'illean, togaibh fonn Mo chridhe trom 's cha neònach. Ann an t-sleighe aig Calum Boyd Air a bheil an [gunna?] fine Nuair a bhiodh e a-measg nan Gàidheal Bhiodh faighneachd air 'n t-seòrsa. Chuir e oirre bogsa làidir Rinn iad biorach anns a' bhàrr e Dh'fhàg e leathainn anns an t-sàil e Cumadh e aig an oir e Fhuair e beamaichean à Boston 'S math a' saor a rinn a locrach Cinn oirre mar am biodh air plocan Bhiodh a crot de dh'eòrn' ann.