Òran a' Chaiptein
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF300i03N ÒRAN A' CHAIPTEIN
Beulaiche: Seumas mac Aonghais 'ic Alasdair Iain | Jimmy Collins
Bàrd: Peter MacKay
[Jimmy Collins:] Hmm?
[John Shaw:] Just like that.
[JC:] Oh, that far.
[JS:] Yeah.
[JC:] 'S gu bha mar bhàirc, ged bha i fliuch,
Gur bochd a' sgeul bhith ann an-diugh,
Gum biodh an outlet fo lionn-dubh,
Nam biodh an caiptean bàite.
A' ruith mun cuairt air feadh an deck,
Toirt seachad òrdan nach robh ceart,
Gun deach a' ròp mu chùil a chàs,
Gun d' chuir e mach a shnàmh e.
Tha [nighean a dh'òir/nigheanag oirr'] ged ghabhainn start,
Nuair thuit am [bloicear mór?] a-mach,
Mur am biodh an crew air bhith cho smart,
Chaidh [bodach ac'?] a bhàthadh.
Dar a dh'itheas tu 's do gabhail a' nochd,
A' liuthad cunnart a chaidh ort,
Gun cuir i [minis?] air ad [choirc'?],
Feuch gun cum e thu bho Shàtan.
Feumaidh mise nisd stad,
Ged nach eil mo bhàrdachd-sa ro mhath,
'S ged bhiodh John Lauchie a' call a chac,
Chan dèanainn fhéin ach gàire.
Bha e làn do dh'ghaireachainn, spórs, do fhearas-chuideachd, you know.
[JS:] Bha.
[JC:] He was always [BREAK IN TAPE]. Trup, bha ròp, bha ròpach a' tarraing rudeigin.
[JS:] Bha.
[JC:] Bha 'ad a' tarraing bàirc trom, cudthrom do rud.
[JS:] Bha.
[JC:] Tha, tha fhios a'm. Tha theans', chan eil fhios a'm, a' dol mun cuairt 'ga toirt an òrdan seachad. Thrup a' ròp air 's dh'fhalbh e mach an comhair a chinn far a, far a' wharf—
[JS:] Sheadh.
[JC:] —dha'n léig, is bha i domhainn is bha i fuar.
[JS:] Bha.
[JC:] Bha verse eile air—rann eil' air. Bha esan mór, [briomach?] is tòn mhór air. Thuirt Peadair seo. Thug e dha triùbhsair—
[JS;] Thug.
[JC:] —triùbhsair chaol. Chuir e, chuir e an triùbhsair air agus thoisich e 'dol mun cuairt agus sgolt na triùbhsair mu na màsan is bha a h-uile sian a bh' aige:
Gun d' thug mi dhi dhan triùbhsair ùr,
'S gun sgolt i mu na màsan.
[JS:] Ó dìreach.
[JC:] Chan eil cuimhn' agam idir air.