GF300i03N ÒRAN A' CHAIPTEIN Beulaiche: Seumas mac Aonghais 'ic Alasdair Iain | Jimmy Collins Bàrd: Peter MacKay [Jimmy Collins:] Hmm? [John Shaw:] Just like that. [JC:] Oh, that far. [JS:] Yeah. [JC:] 'S gu bha mar bhàirc, ged bha i fliuch, Gur bochd a' sgeul bhith ann an-diugh, Gum biodh an outlet fo lionn-dubh, Nam biodh an caiptean bàite. A' ruith mun cuairt air feadh an deck, Toirt seachad òrdan nach robh ceart, Gun deach a' ròp mu chùil a chàs, Gun d' chuir e mach a shnàmh e. Tha [nighean a dh'òir/nigheanag oirr'] ged ghabhainn start, Nuair thuit am [bloicear mór?] a-mach, Mur am biodh an crew air bhith cho smart, Chaidh [bodach ac'?] a bhàthadh. Dar a dh'itheas tu 's do gabhail a' nochd, A' liuthad cunnart a chaidh ort, Gun cuir i [minis?] air ad [choirc'?], Feuch gun cum e thu bho Shàtan. Feumaidh mise nisd stad, Ged nach eil mo bhàrdachd-sa ro mhath, 'S ged bhiodh John Lauchie a' call a chac, Chan dèanainn fhéin ach gàire. Bha e làn do dh'ghaireachainn, spórs, do fhearas-chuideachd, you know. [JS:] Bha. [JC:] He was always [BREAK IN TAPE]. Trup, bha ròp, bha ròpach a' tarraing rudeigin. [JS:] Bha. [JC:] Bha 'ad a' tarraing bàirc trom, cudthrom do rud. [JS:] Bha. [JC:] Tha, tha fhios a'm. Tha theans', chan eil fhios a'm, a' dol mun cuairt 'ga toirt an òrdan seachad. Thrup a' ròp air 's dh'fhalbh e mach an comhair a chinn far a, far a' wharf— [JS:] Sheadh. [JC:] —dha'n léig, is bha i domhainn is bha i fuar. [JS:] Bha. [JC:] Bha verse eile air—rann eil' air. Bha esan mór, [briomach?] is tòn mhór air. Thuirt Peadair seo. Thug e dha triùbhsair— [JS;] Thug. [JC:] —triùbhsair chaol. Chuir e, chuir e an triùbhsair air agus thoisich e 'dol mun cuairt agus sgolt na triùbhsair mu na màsan is bha a h-uile sian a bh' aige: Gun d' thug mi dhi dhan triùbhsair ùr, 'S gun sgolt i mu na màsan. [JS:] Ó dìreach. [JC:] Chan eil cuimhn' agam idir air.