Back to recordings

An Trolly aig Uilleam Chailein

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF298i03b AN TROLLY AIG UILLEAM CHAILEIN


Beulaiche: Dùghall mac Alasdair 'c Aonghais 'ic Alasdair Bhàin | Dougall MacDonald
Bàrd: Sìne Heanaidh | Jane Henrietta MacInnis


[Séist:] O an trolly, e an trolly,
Siud an trolly a bha grinn,
An trolly a rinn Uilleam Chailein,
Cha robh riamh a' leithid 'san tìr.


—thug [fhonn/ann?],
'S ann leam bu toigh le d' ghluasad,
Do chridhe fialaidh freasdalach,
Is cas beag ás a ghluaiseas.


'S gum b' fheàrr leam dol a cheannach bhuat,
Na Halifax air uairibh... hmm Jesus, dé—,
Na blisters—sin na 'eil cuimhn' am.


Uill studaig mi air uaireigin [BREAK IN TAPE]. Rinn Uilleam Chailen [BREAK IN TAPE]


—DiLuain is bha i làidir,
Is bha i cho grannda 's a chunna riamh,
Dar a fhuair 'ad i air gluasad,
Chual' 'ad fuaim am Margaree.


Chuir 'ad fios á Londonderry,
Dh'iarraidh bogsa do dh'axle grease.


'S ann aig sabhal Dhòmhnall 'ic Eóghainn,
Thug e 'm bogsa créise ann,
Chuir e pàirt dhith ris a chaisbheart,
Is chuir e 'n còrr air chùl a chinn.


Chuir 'ad fios orra dha 'n Éipheit,
Gus an trolly thoirt a-nunn,
A ghliùain engine 's tharraing chanain,
Chumail cogadh ri Chinese.


Ged a ruigeadh i an Éipheit,
Cha thuigeadh 'ad gu dé bhiodh ann,
Gus an ionnsaich 'ad a' Ghréugais,
Bhiodh aig Seumas 'dol dha'n ghleann—Seumas Chailein—bruidhinn neònach aig Seumas.


Ged a ruigeadh i an Éipheit,
Cha thuigeadh 'ad gu dé bhiodh ann,
Gus an ionnsaich 'ad a' Ghreugais,
Bhiodh aig Seumas 'dol dha'n ghleann.



Dougall MacDonald
Tròidh | Troy 40 recordings Faic pròifil | view profile