An Trolly a bha aig Uilleam Chailein
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF238i10 AN TROLLY A BHA AIG UILLEAM CHAILEIN
Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Iain Lachlainn | John Alex MacEachern
Bàrd: Sìne Heanaidh | Jane Henrietta MacInnis
[Séist]: O an trolly, e an trolly,
Siud an trolly a bha grinn
An trolly a rinn Uilleam Chailein
Cha robh riamh a leithid 'san tìr
An cuala sibhse riamh mu 'n trolly
A bh' aig Uilleam, 's i bha grinn
Bheat i an telephone á Sasainn
'S i an ceartuair 'dol san t-sreath
Is chualas straighlich 'sa mhadainn
Sìos air rathad mór a' Rìgh
Có bha siud ach Uilleam Chailein
'Dol air trolly sìos dha 'n mhéinn
Team notes:
Cf. Dougall MacLean, "An Trolly aig Uilleam Chailein," interview by John Shaw, Cape Breton Folklore Collection, St. Francis Xavier University, October 24, 1980; and Mary Ann MacEachern, "Òran na Trolly," interview by John Shaw, Cape Breton Folklore Collection, St. Francis Xavier University, December 7, 1979.