GF298i03b AN TROLLY AIG UILLEAM CHAILEIN Beulaiche: Dùghall mac Alasdair 'c Aonghais 'ic Alasdair Bhàin | Dougall MacDonald Bàrd: Sìne Heanaidh | Jane Henrietta MacInnis [Séist:] O an trolly, e an trolly, Siud an trolly a bha grinn, An trolly a rinn Uilleam Chailein, Cha robh riamh a' leithid 'san tìr. —thug [fhonn/ann?], 'S ann leam bu toigh le d' ghluasad, Do chridhe fialaidh freasdalach, Is cas beag ás a ghluaiseas. 'S gum b' fheàrr leam dol a cheannach bhuat, Na Halifax air uairibh... hmm Jesus, dé—, Na blisters—sin na 'eil cuimhn' am. Uill studaig mi air uaireigin [BREAK IN TAPE]. Rinn Uilleam Chailen [BREAK IN TAPE] —DiLuain is bha i làidir, Is bha i cho grannda 's a chunna riamh, Dar a fhuair 'ad i air gluasad, Chual' 'ad fuaim am Margaree. Chuir 'ad fios á Londonderry, Dh'iarraidh bogsa do dh'axle grease. 'S ann aig sabhal Dhòmhnall 'ic Eóghainn, Thug e 'm bogsa créise ann, Chuir e pàirt dhith ris a chaisbheart, Is chuir e 'n còrr air chùl a chinn. Chuir 'ad fios orra dha 'n Éipheit, Gus an trolly thoirt a-nunn, A ghliùain engine 's tharraing chanain, Chumail cogadh ri Chinese. Ged a ruigeadh i an Éipheit, Cha thuigeadh 'ad gu dé bhiodh ann, Gus an ionnsaich 'ad a' Ghréugais, Bhiodh aig Seumas 'dol dha'n ghleann—Seumas Chailein—bruidhinn neònach aig Seumas. Ged a ruigeadh i an Éipheit, Cha thuigeadh 'ad gu dé bhiodh ann, Gus an ionnsaich 'ad a' Ghreugais, Bhiodh aig Seumas 'dol dha'n ghleann.