Òran na Drochaid
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF295i02 ÒRAN NA DROCHAIDE
Beulaiche: Steafan Iain Peigi Ailein | Stephen MacKinnon
Bàrd: Iain Peigi Ailean | John MacKinnon
Tar-Sgrìobhadh: Froilig Thar-Sgrìobhadh air Loidhne | Online Transcription Frolic 2023-10-30
[Séist:] Tha 'tighinn fodham, fodham, fodham,
Tha 'tighinn fodham, fodham, fodham,
Tha e 'tighinn fodham, fodham, fodham,
Tha 'tighinn fodham, éirigh
'S tha e 'tighinn fodham innse dhuibh,
Mar rinn mo nighean fhìn orm
Nuair a fhuair i 'm pàirt chloinn Ìosaig
'S ann a struidhleach ghabh i am bailie
'S chuir i fios le cabhaig orm
A dhol a-null gu h-aithghearr ann
Bha dùil a'm riutha an aithghearr
A bhith agam, 's tacan céilidh.
'S bha mi madainn is spìd asam
Gun d' ghabh mi cross na clìoraichean
Bha dùil a'm ri toil-inntinn
Siud an nì nach cinnich réidh rium.
'S bu ghann a rinn sinn ruighinn ann
Nuair a dh'éibh i 'nuas na h-uidheaman
Tha càch a-nist a' tighinn
'S bidh sibh uile 'dol gu feum dhuinn.
'S ann a thuirt Iain gu Lodan
'S ann a nì sinn seòrsa boss dhibh
A sgaoileadh dhaibh nan torran
Agus gan socrachadh mar dh’feumtan.
Sin a thuirt i gu Lodan
Feuch an dèan sibh obair shnasail dheth
'S dùil a'm ris an t-sagart
Tighinn a-mach thugainn air chéilidh.
Is bheir e fhéin gun aithne riut
Ma chi e falt na madainne
Tha e teòm air fathann
'S bithibh faiceallach mu dheoghainn
'S thàinig Aonghas Mhìcheil ann
Gun mhearachd anns a' team aige
Gu teàrnadh na gu dìreach
Cha robh strì leis càit an d’fheumtan
Thàinig mac Iain Ruairidh ann,
'S each bha làidir, luath aige,
Gun tàirneadh e na cruachan,
Dhol mun cuairt gach àite feumt’ 'ad.
Thàinig an sin Màrtainn ann
'S coltas obair ghàbhaidh air
Gun lìonadh e na casg ud
'S bhiodh an dà air ceann ri chéile.
'S e Ruairidh a bha toilicht',
A bhith 'faighinn suas na drochaide
Tha cuimhn' nach d'fhuair e botul,
Gus ar toileachadh le chéile.