GF295i02 ÒRAN NA DROCHAIDE Beulaiche: Steafan Iain Peigi Ailein | Stephen MacKinnon Bàrd: Iain Peigi Ailean | John MacKinnon Tar-Sgrìobhadh: Froilig Thar-Sgrìobhadh air Loidhne | Online Transcription Frolic 2023-10-30 [Séist:] Tha 'tighinn fodham, fodham, fodham, Tha 'tighinn fodham, fodham, fodham, Tha e 'tighinn fodham, fodham, fodham, Tha 'tighinn fodham, éirigh 'S tha e 'tighinn fodham innse dhuibh, Mar rinn mo nighean fhìn orm Nuair a fhuair i 'm pàirt chloinn Ìosaig 'S ann a struidhleach ghabh i am bailie 'S chuir i fios le cabhaig orm A dhol a-null gu h-aithghearr ann Bha dùil a'm riutha an aithghearr A bhith agam, 's tacan céilidh. 'S bha mi madainn is spìd asam Gun d' ghabh mi cross na clìoraichean Bha dùil a'm ri toil-inntinn Siud an nì nach cinnich réidh rium. 'S bu ghann a rinn sinn ruighinn ann Nuair a dh'éibh i 'nuas na h-uidheaman Tha càch a-nist a' tighinn 'S bidh sibh uile 'dol gu feum dhuinn. 'S ann a thuirt Iain gu Lodan 'S ann a nì sinn seòrsa boss dhibh A sgaoileadh dhaibh nan torran Agus gan socrachadh mar dh’feumtan. Sin a thuirt i gu Lodan Feuch an dèan sibh obair shnasail dheth 'S dùil a'm ris an t-sagart Tighinn a-mach thugainn air chéilidh. Is bheir e fhéin gun aithne riut Ma chi e falt na madainne Tha e teòm air fathann 'S bithibh faiceallach mu dheoghainn 'S thàinig Aonghas Mhìcheil ann Gun mhearachd anns a' team aige Gu teàrnadh na gu dìreach Cha robh strì leis càit an d’fheumtan Thàinig mac Iain Ruairidh ann, 'S each bha làidir, luath aige, Gun tàirneadh e na cruachan, Dhol mun cuairt gach àite feumt’ 'ad. Thàinig an sin Màrtainn ann 'S coltas obair ghàbhaidh air Gun lìonadh e na casg ud 'S bhiodh an dà air ceann ri chéile. 'S e Ruairidh a bha toilicht', A bhith 'faighinn suas na drochaide Tha cuimhn' nach d'fhuair e botul, Gus ar toileachadh le chéile.