Back to recordings

An Turus nach Robh Cearbach

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF279i02 AN TURAS NACH ROBH CEARBACH


Beulaiche: Mairead bean Ruairidh | Margaret MacLean
Bàrd: Am Bàrd Ruadh , Lachlann MacMhuirich | Lachlann Currie



[Séist:] An turas nach robh cearbach
Thug a-nall a rubh' a' mhorghain mi,
A dh'obair gu MacFhionghain
'S gu dearbh 's e 'n duine cóir e.


Tha a' samhradh air tighinn dlùth oirnne
'S e sin a chuir ar sunnd oirnn,
A bhith 'g éisdeachd nuair a dhùisgeamaid
Ri ribheid-chiùil nan smeòrach.


'S o'n thàna mi a' taobh seo
Cha téid òran rium 's chan iongnadh e,
Gur ann a bhios mi smaointeachdainn
Air gaoir na locomotive.


'S a' mhadainn nuair a dhùisgeamaid
Cha bhiodh dad de shunnd oirnn;
'S an obair chruaidh cha sùgradh i
Is cùram oirnn an còmhnaidh.


Mar fhear a bhiodh 'san t-saighdearachd
Nach bi dad do thime aige;
Cha'n fhaigh sinn làmh ri maighdeann
Ach air oidhche na Di-dòmhnaich.


'S iomadh sealladh éibhinn
Bhios ri fhaicinn nuair a dh'éireamaid
Ag itealaich air gheugan
As a' mhadainn Chéitein cheòthail.


'S iomadh sealladh àlainn
Bhios ri fhaicinn feadh an àite seo
Nuair a bhios a' feur a' fàs
'Sa bhios na bàtaichean a' seòladh.


Maraichean is iasgairean
Ag obair mar as miannach leo;
Is mnàthan òg is nigheanagan
Air sliabh a' togail eòintean.


Gur h-ann ann am Baghasdail
A tha na daoine laghach;
'S e feadhainn dha na taighean
Aig na thadhail mi Di-dòmhnaich.


Gur h-ann air Cnoc nan Caimbeulach
A tha na daoine coibhneile,
'S ri mheud 's a thug mi loinne dhaibh
Bidh cuimhn' agam ri 'm bheò air.


A-staigh aig uair na dinnearach
Gur h-ann a bhios an tìm againn
Bhi feadhainn ris na fuinneagan
'S mi fhìn a' gabhail òrain.


Sguiridh mi dha'm bhàrdachd
Agus stadaidh mi dha'm mhànran,
Is am fear a nì na 's fheàrr na mi
Cha bhàsaich ri cion òrain.



Margaret MacLean
Baghasdal | Boisdale 50 recordings Faic pròifil | view profile