GF279i02 AN TURAS NACH ROBH CEARBACH Beulaiche: Mairead bean Ruairidh | Margaret MacLean Bàrd: Am Bàrd Ruadh , Lachlann MacMhuirich | Lachlann Currie [Séist:] An turas nach robh cearbach Thug a-nall a rubh' a' mhorghain mi, A dh'obair gu MacFhionghain 'S gu dearbh 's e 'n duine cóir e. Tha a' samhradh air tighinn dlùth oirnne 'S e sin a chuir ar sunnd oirnn, A bhith 'g éisdeachd nuair a dhùisgeamaid Ri ribheid-chiùil nan smeòrach. 'S o'n thàna mi a' taobh seo Cha téid òran rium 's chan iongnadh e, Gur ann a bhios mi smaointeachdainn Air gaoir na locomotive. 'S a' mhadainn nuair a dhùisgeamaid Cha bhiodh dad de shunnd oirnn; 'S an obair chruaidh cha sùgradh i Is cùram oirnn an còmhnaidh. Mar fhear a bhiodh 'san t-saighdearachd Nach bi dad do thime aige; Cha'n fhaigh sinn làmh ri maighdeann Ach air oidhche na Di-dòmhnaich. 'S iomadh sealladh éibhinn Bhios ri fhaicinn nuair a dh'éireamaid Ag itealaich air gheugan As a' mhadainn Chéitein cheòthail. 'S iomadh sealladh àlainn Bhios ri fhaicinn feadh an àite seo Nuair a bhios a' feur a' fàs 'Sa bhios na bàtaichean a' seòladh. Maraichean is iasgairean Ag obair mar as miannach leo; Is mnàthan òg is nigheanagan Air sliabh a' togail eòintean. Gur h-ann ann am Baghasdail A tha na daoine laghach; 'S e feadhainn dha na taighean Aig na thadhail mi Di-dòmhnaich. Gur h-ann air Cnoc nan Caimbeulach A tha na daoine coibhneile, 'S ri mheud 's a thug mi loinne dhaibh Bidh cuimhn' agam ri 'm bheò air. A-staigh aig uair na dinnearach Gur h-ann a bhios an tìm againn Bhi feadhainn ris na fuinneagan 'S mi fhìn a' gabhail òrain. Sguiridh mi dha'm bhàrdachd Agus stadaidh mi dha'm mhànran, Is am fear a nì na 's fheàrr na mi Cha bhàsaich ri cion òrain.