Back to recordings

O Siud an Taobh a Ghabhainn

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF277i02 O SIUD AN TAOBH A GHABHAINN


Beulaiche: Mairead bean Ruairidh | Margaret MacLean
Bàrd: Anna NicGilliosa | Anna Gillis



Séist: O, siud an taobh a ghabhainn,
E, seo an taobh a ghabhainn,
A h-uile taobh 'gam biodh a' rathad
Ghabhaidh sinn gu h-eòlach.


Falbhaidh sinn 's cha dèan sinn fuireach,
Seòlaidh sinn air bhàrr na tonnaibh
Fàgaidh sinn slàint' aig gach duine
Dia chur turus oirnne.


Seòlaidh sinn air bhàrr nan cuantan
Ruigidh sinn an t-Eilean Uaine
Far a bheil crodh laoigh air bhuailtean
Aig na fuarain bhòidheach.


Falbhaidh sinn de chead do Mhòrair
Dhe dh'Arasaig agus Canaidh
Eige agus—


Falbhaidh sinn dhe chead de Mhòrair
Dhe dh'Arasaig agus Cnòideart
Eige agus Clann Raghnaill nan ròs mhòr
'S Uibhist bhòidheach ghreanmhor


Cnòideart fuar 's Gleanna Garaidh
Far am bidh na fiùrain bhàna,
Le uisge ruith o bhàrr a' bhaile
Gu cùl chala Loch Aoidh.


'S tha mo chàirdean-sa cho lìonmhor
Shìos is shuas air feadh nan crìochan,
'S ma dh'fhàgas mi h-aon dhiubh an dì-chuimhn'
'S aobhar mhìothlachd dhomhs' e.


'S Dòmhnullaich 's ann dhaibh bu dual sin
A bhith seasmhach ri luchd cruadail,
[Leantaileach?] ri druim na ruaigean,
Làidir, luath 'san [tòir ac'/torrachd?].


Long as leòthann, craobh as gaisge,
Fiùran suas ri craobh bhratach
'S a làmh dhearg as àille bradan
'S fraoch 'na [geugan?] bòidheach.


Chì mi na féidh air an fhuaran,
'S a ghréidh fhéin 'sa threud mun cuairt dha;
'S a h-uile fear 's a shròn 's an fhuaradh
Mun tig fuathas tòir' orra.




Margaret MacLean
Baghasdal | Boisdale 50 recordings Faic pròifil | view profile