GF277i02 O SIUD AN TAOBH A GHABHAINN Beulaiche: Mairead bean Ruairidh | Margaret MacLean Bàrd: Anna NicGilliosa | Anna Gillis Séist: O, siud an taobh a ghabhainn, E, seo an taobh a ghabhainn, A h-uile taobh 'gam biodh a' rathad Ghabhaidh sinn gu h-eòlach. Falbhaidh sinn 's cha dèan sinn fuireach, Seòlaidh sinn air bhàrr na tonnaibh Fàgaidh sinn slàint' aig gach duine Dia chur turus oirnne. Seòlaidh sinn air bhàrr nan cuantan Ruigidh sinn an t-Eilean Uaine Far a bheil crodh laoigh air bhuailtean Aig na fuarain bhòidheach. Falbhaidh sinn de chead do Mhòrair Dhe dh'Arasaig agus Canaidh Eige agus— Falbhaidh sinn dhe chead de Mhòrair Dhe dh'Arasaig agus Cnòideart Eige agus Clann Raghnaill nan ròs mhòr 'S Uibhist bhòidheach ghreanmhor Cnòideart fuar 's Gleanna Garaidh Far am bidh na fiùrain bhàna, Le uisge ruith o bhàrr a' bhaile Gu cùl chala Loch Aoidh. 'S tha mo chàirdean-sa cho lìonmhor Shìos is shuas air feadh nan crìochan, 'S ma dh'fhàgas mi h-aon dhiubh an dì-chuimhn' 'S aobhar mhìothlachd dhomhs' e. 'S Dòmhnullaich 's ann dhaibh bu dual sin A bhith seasmhach ri luchd cruadail, [Leantaileach?] ri druim na ruaigean, Làidir, luath 'san [tòir ac'/torrachd?]. Long as leòthann, craobh as gaisge, Fiùran suas ri craobh bhratach 'S a làmh dhearg as àille bradan 'S fraoch 'na [geugan?] bòidheach. Chì mi na féidh air an fhuaran, 'S a ghréidh fhéin 'sa threud mun cuairt dha; 'S a h-uile fear 's a shròn 's an fhuaradh Mun tig fuathas tòir' orra.