A' Bhana-Bhuidseach agus an Sgadan
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF265i02 A' BHANA-BHUIDSEACH AGUS AN SGADAN
Beulaiche: Dan Rory Mhurchaidh | Dan Rory MacNeil
Co dhiubh, phòs a' fear a bha seo nighean. Cha robh fhios aige-san có i. Ach, by goodness alive, bhiodh 'ad 'ga chuir sin na chadal agus dh'fhalbhadh 'ad fhéin, triùir na ceathrar aca. Thilleadh 'ad dhachaigh 's lòd do sgadain aca. Bha fish house aig an fhear seo shìos aig a' chladach, you know.
Thàinig a' mhadainn a bha seo, dh'éirich an gille is thàinig a' bhana-bhuiseach dhachaigh le a làmhan, na làmhan bog fliuch 's a h-uile sgàth.
"Sheo," ars' ise, "thalla," ars' ise, "sìos a ghlanadh sgadain a tha shìos a's a' fish house."
Dh'fhalbh an gille, na an duine aice, sìos. Dh'fhosgail e a' fish house, bha a' fish house làn do sgadain.
"Uill," ars' esan, "Dia 'gam bheannachadh," ars' esan. "Nach eil siud breagha."
Agus dh'fhalbh e 'mach 'na thoit.
[...sguir 's a' fish house, you know?]