GF265i02 A' BHANA-BHUIDSEACH AGUS AN SGADAN Beulaiche: Dan Rory Mhurchaidh | Dan Rory MacNeil Co dhiubh, phòs a' fear a bha seo nighean. Cha robh fhios aige-san có i. Ach, by goodness alive, bhiodh 'ad 'ga chuir sin na chadal agus dh'fhalbhadh 'ad fhéin, triùir na ceathrar aca. Thilleadh 'ad dhachaigh 's lòd do sgadain aca. Bha fish house aig an fhear seo shìos aig a' chladach, you know. Thàinig a' mhadainn a bha seo, dh'éirich an gille is thàinig a' bhana-bhuiseach dhachaigh le a làmhan, na làmhan bog fliuch 's a h-uile sgàth. "Sheo," ars' ise, "thalla," ars' ise, "sìos a ghlanadh sgadain a tha shìos a's a' fish house." Dh'fhalbh an gille, na an duine aice, sìos. Dh'fhosgail e a' fish house, bha a' fish house làn do sgadain. "Uill," ars' esan, "Dia 'gam bheannachadh," ars' esan. "Nach eil siud breagha." Agus dh'fhalbh e 'mach 'na thoit. [...sguir 's a' fish house, you know?]