Back to recordings

Dèan Cadalan Sàmhach

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF260i03 DEAN CADALAN SÀMHACH


Beulaiche: Eòs Labhrainn mac Iain J. 'ic Iain 'ic Lachlainn a' Bhuachaille | Joe Lawrence MacDonald
Bàrd: Bàrd Chinntaile , Iain mac Mhurchaidh mhic Fhearchair | The Kintail Bard | John MacRae



Séist: Dean cadalan sàmhach a' chuilein mo rùin,
'S dean fuireach mar tha thus' an-dràst' an t-àit' ùr,
Tha òganaich ghasta làn beairteas is cliù,
'S ma bhios tu nad aoidh gheibh fear-eigin dhiù


Gur h-ann an Ameireaga tha sinn an-dràst',
Fo dubhar nan craobh far nach teirig gu bràch,
'S nuair a dh'fhalbhas an dubhlachd 's a thionndas am blàths,
Bidh measan is ùbhlan gu h-uiread a' fàs.


Tha sinn 'nar Innseanaich cinnteach gu leòr,
Fo dhubhar nan craobh far nach bi aon againn beò,
Coin allaidh is béistean ag éigheach ro mhór,
Tha sinne nar n-éiginn ‘on a thréig sinn Rìgh Deòrs'.

Notes (fieldnotes):
"AIR LEARNED FROM MOTHER"

Joe Lawrence MacDonald
Baile Iarainn | Ironville 16 recordings Faic pròifil | view profile