GF260i03 DEAN CADALAN SÀMHACH Beulaiche: Eòs Labhrainn mac Iain J. 'ic Iain 'ic Lachlainn a' Bhuachaille | Joe Lawrence MacDonald Bàrd: Bàrd Chinntaile , Iain mac Mhurchaidh mhic Fhearchair | The Kintail Bard | John MacRae Séist: Dean cadalan sàmhach a' chuilein mo rùin, 'S dean fuireach mar tha thus' an-dràst' an t-àit' ùr, Tha òganaich ghasta làn beairteas is cliù, 'S ma bhios tu nad aoidh gheibh fear-eigin dhiù Gur h-ann an Ameireaga tha sinn an-dràst', Fo dubhar nan craobh far nach teirig gu bràch, 'S nuair a dh'fhalbhas an dubhlachd 's a thionndas am blàths, Bidh measan is ùbhlan gu h-uiread a' fàs. Tha sinn 'nar Innseanaich cinnteach gu leòr, Fo dhubhar nan craobh far nach bi aon againn beò, Coin allaidh is béistean ag éigheach ro mhór, Tha sinne nar n-éiginn ‘on a thréig sinn Rìgh Deòrs'.