Òran 'Illeasbuig MhacDhùghaill
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF102I01N ÒRAN 'ILLEASBUIG MHACDHÙGHAILL
Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean
Bàrd: Eàirdsidh Mac Iain 'ic Eachainn , Gilleasbuig Làraidh | Archie MacDougall
'S e Larry bheireadh 'ad ris. Chaidh a bhràthair a bhàthadh. Chaidh a bhràthair a bhàthadh. 'S fhad' on a bhruidhinn air, ach chan urrainn—chaidh bràthair GiIlleasbuig Dùghallach seo, chaidh a bhàthadh agus e 'dol cros a-null a Bhradaig. Agus nuair a thill e, tilleadh 'san a chaidh e fhéin is am bàta dha 'n ghrunnd. Is chual' a bhràthair seo, is start e agus rinn e òran dha. Chan eil cus feum 'san òran ach chan eil sgath diofar ann. Togaibh sibh a' fonn. Tha 'n amhach agam cho dona 's nach urrainn dhomh caoin [fhéin a chuir air?].
[JAM:] [Séist:] Hug oirinn o, cha taobh mi chlann
Bho nach saoilinn thu bhith ann
Hug oirinn o, cha taobh mi chlann.
'S tìm dhomh teàrnadh ri dàn [dhuinn?]
Nuair a dh'fhàg sinn [sàr ?].
Gur e th' ann glé mhoch DiLuain
A rinn thu gluasad bhuainn bho 'n chrann.
Thu fhéin is Aonghas MacDhòmhaill
An dithis bha còmhla thall.
Gun deach 'ad across a' linne
Cha d' rinn thu tilleadh a-nall.
Dh'fhàg thu do bhràithrean gu tùrsach
[?] mo ghruaidh [an fhear ann?].
[Caiptean is bàta Aonghas mòr?]
'S e dh'fhàg e thu nad aonar thall.
Thug thu ruadh a bha 'nam ghruaidh
Is dh'fhalbh a' ghruag a bh' air mo cheann.
Dh'fhàg thu do [mhàthraichean deurach?]
Dh'fhàg thu Màiri fhéin 's a clann.
Òran Eàirdsidh [Larry?].
Team notes:
Cf. Joe Allan MacLean, "Òran Bas Eachainn MhicDhùghaill," interview by Joe Lawrence MacDonald, 1972, T-409, Side 2, 00:12:04, Beaton Institute Sound and Moving Image Collection.