'S mithich dhuinn éirigh mo nighean donn
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF257i02 'S MITHICH DHUINN ÉIRIGH MO NIGHEAN DONN
Beulaiche: Steafan Iain Peigi Ailein | Stephen MacKinnon
[Séist:] Bheir mi hò ro bha hò
'S mithich dhuinn èirigh
Mo nighean donn.
'S mithich dhomh a dhol dhachaigh,
Tha mi fad' air mo chéilidh,
Mo nighean donn.
Is bheir mi m' aghaidh air Muile
Ged is duilich dhomh fhéin e,
Mo nighean donn.
Is bheir mi m' aghaidh air Muile
Ged is duilich dhomh fhéin e,
Mo nighean donn.
Is mór gruaman na h-iarmailt
Gaoth an iar a' cruaidh-shéideadh
Mo nighean donn.
Is mór gruaman na h-iarmailt
Gaoth an iar a' cruaidh-shéideadh
Mo nighean donn.
Tha na cithean trom sneachda
Dall-ghleachd anns na speuraibh,
Mo nighean donn.
Tha na cithean trom sneachda
Dall-ghleachd anns na speuraibh,
Mo nighean donn.
Tha na h-uillt gu dearg-rànaich
Sguabadh sgàirneach nan sléibhtean,
Mo nighean donn.
Tha na h-uillt gu dearg-rànaich
Sguabadh sgàirneach nan sléibhtean,
Mo nighean donn.
'S tha na craobhan mòr, meurach
Às na freumhaich ga reubadh,
Mo nighean donn.
Tha eòin bùchainn nan cluaintean,
Leis an uabhas ga lèireadh,
Mo nighean donn.
Is eòin bheaga na coille
'N gob san doire fo sgéithidh
Mo nighean donn.
'S truagh mise 'n tìr Oisein
'S mi gun soistinn mu m' eudail,
Mo nighean donn.
'S nach comas dol thairis
Dh'fhios a' bhaile bheil m' èibhneas,
Mo nighean donn.
Far an d' fhàg mi mo leannan,
Maighdeann chlannach na féileadh,
Mo nighean donn.
Notes (fieldnotes):
"WITH WIFE, MRS. MACKINNON, ON CHORUS"