GF257i02 'S MITHICH DHUINN ÉIRIGH MO NIGHEAN DONN Beulaiche: Steafan Iain Peigi Ailein | Stephen MacKinnon [Séist:] Bheir mi hò ro bha hò 'S mithich dhuinn èirigh Mo nighean donn. 'S mithich dhomh a dhol dhachaigh, Tha mi fad' air mo chéilidh, Mo nighean donn. Is bheir mi m' aghaidh air Muile Ged is duilich dhomh fhéin e, Mo nighean donn. Is bheir mi m' aghaidh air Muile Ged is duilich dhomh fhéin e, Mo nighean donn. Is mór gruaman na h-iarmailt Gaoth an iar a' cruaidh-shéideadh Mo nighean donn. Is mór gruaman na h-iarmailt Gaoth an iar a' cruaidh-shéideadh Mo nighean donn. Tha na cithean trom sneachda Dall-ghleachd anns na speuraibh, Mo nighean donn. Tha na cithean trom sneachda Dall-ghleachd anns na speuraibh, Mo nighean donn. Tha na h-uillt gu dearg-rànaich Sguabadh sgàirneach nan sléibhtean, Mo nighean donn. Tha na h-uillt gu dearg-rànaich Sguabadh sgàirneach nan sléibhtean, Mo nighean donn. 'S tha na craobhan mòr, meurach Às na freumhaich ga reubadh, Mo nighean donn. Tha eòin bùchainn nan cluaintean, Leis an uabhas ga lèireadh, Mo nighean donn. Is eòin bheaga na coille 'N gob san doire fo sgéithidh Mo nighean donn. 'S truagh mise 'n tìr Oisein 'S mi gun soistinn mu m' eudail, Mo nighean donn. 'S nach comas dol thairis Dh'fhios a' bhaile bheil m' èibhneas, Mo nighean donn. Far an d' fhàg mi mo leannan, Maighdeann chlannach na féileadh, Mo nighean donn.