Òran nam Biastan (le ro-ràdh)
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF250i04 ÒRAN NAM BIASTAN
Beulaiche: Màiri Ceit Mhór | Mary Anne MacMillan
Bàrd: Iain Peigi Ailein | John MacKinnon
[Mary Anne MacMillan]: B' e seann duine a bh' ann agus 's e bàrd a bh' ann fhéin cuideachd; bha á mhuinntir Cùl a' Phòin Mhóir.
[John Shaw]: Bha.
[MAM]:
[Séist]: Ho ro air bugs a' bhuntàta sin
Cha bhiomaid fo ghruaim ged dh' fhàgadh sibh
Ho ro air bugs a' bhuntàta sin
Ceann bog is ceann cruaidh air a h-uile té ruadh
A bhith coimhead air a gualainn feuch a fàg mi i
Air nì sinn a' fhroilig gum bidh mi fhìn air thoiseach
Bidh caraid 'ga choisinn 's a' phàirc' againn
Air a thig mi fo m' éisdeachd gum bi mi 'gad speuradh
Gun sheachd dhiubh fo 'n ghréin ach b' e shàraich sinn
Air a thigeadh 'ad uileadh John Angus 'is Peadair
'Is Màrtainn 'is Iain 's John Angus còmhla riu
Bha 'ad a' togail nam biast!