GF250i04 ÒRAN NAM BIASTAN Beulaiche: Màiri Ceit Mhór | Mary Anne MacMillan Bàrd: Iain Peigi Ailein | John MacKinnon [Mary Anne MacMillan]: B' e seann duine a bh' ann agus 's e bàrd a bh' ann fhéin cuideachd; bha á mhuinntir Cùl a' Phòin Mhóir. [John Shaw]: Bha. [MAM]: [Séist]: Ho ro air bugs a' bhuntàta sin Cha bhiomaid fo ghruaim ged dh' fhàgadh sibh Ho ro air bugs a' bhuntàta sin Ceann bog is ceann cruaidh air a h-uile té ruadh A bhith coimhead air a gualainn feuch a fàg mi i Air nì sinn a' fhroilig gum bidh mi fhìn air thoiseach Bidh caraid 'ga choisinn 's a' phàirc' againn Air a thig mi fo m' éisdeachd gum bi mi 'gad speuradh Gun sheachd dhiubh fo 'n ghréin ach b' e shàraich sinn Air a thigeadh 'ad uileadh John Angus 'is Peadair 'Is Màrtainn 'is Iain 's John Angus còmhla riu Bha 'ad a' togail nam biast!