Òran na Pìobadh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF250i02 ÒRAN NA PÌOBADH
Beulaiche: Màiri Ceit Mhór | Mary Anne MacMillan
Bàrd: Peigi Ailein Nic an t-Saoir , Maggie | Margaret (Peggy) MacKinnon (née MacIntyre)
[Séist]: O, a ghaoil a Pheigi,
Mheall thu mi gun teagamh
Cùram mór is eagal orm
Gum beag ort mi
Tha Mór is Màiri is dòcha
Ri sìn 'ad a snàth dhomh
Mura bi e làidir
Ceangailidh 'ad mi fhín
Nuair a bhios e deiseil
Théid mi leis gu Peigi
Bidh e agam feasgar
Ma sheasas an t-slìnn
Bho 'n a fhuair mi 'n boban
Nam biodh agam brògan
Gun deànainn-sa pòsadh
A-muigh a's a' bheinn
Chan eil an t-òran ud aig duine beò. Seo òran, fear do dh'òrain Peigi Ailein. Chan eil e agamas uil' idir. Bha i dall. Bha i na bàrd. Bha triùir ac' ann is bha 'ad nam bàird, muinntir Peigi Ailein. O rinn i òrain gàbhaidh, rinn i òran dha 'n phìob thug an Dòmhnallach dhi, tha mi cinnteach gun cuala tu aig Joe Neil ...