GF250i02 ÒRAN NA PÌOBADH Beulaiche: Màiri Ceit Mhór | Mary Anne MacMillan Bàrd: Peigi Ailein Nic an t-Saoir , Maggie | Margaret (Peggy) MacKinnon (née MacIntyre) [Séist]: O, a ghaoil a Pheigi, Mheall thu mi gun teagamh Cùram mór is eagal orm Gum beag ort mi Tha Mór is Màiri is dòcha Ri sìn 'ad a snàth dhomh Mura bi e làidir Ceangailidh 'ad mi fhín Nuair a bhios e deiseil Théid mi leis gu Peigi Bidh e agam feasgar Ma sheasas an t-slìnn Bho 'n a fhuair mi 'n boban Nam biodh agam brògan Gun deànainn-sa pòsadh A-muigh a's a' bheinn Chan eil an t-òran ud aig duine beò. Seo òran, fear do dh'òrain Peigi Ailein. Chan eil e agamas uil' idir. Bha i dall. Bha i na bàrd. Bha triùir ac' ann is bha 'ad nam bàird, muinntir Peigi Ailein. O rinn i òrain gàbhaidh, rinn i òran dha 'n phìob thug an Dòmhnallach dhi, tha mi cinnteach gun cuala tu aig Joe Neil ...