GF237i06 ÒRAN DO THAIGH Beulaiche: Maxie mac Dhòmhnaill Aonghais Iain Aonghais Eòin | Malcolm MacNeil Bàrd: Sandy Mór Nìll Alasdair | Sandy MacNeil, Alec P. MacNeil [Séisd]: É ho ró, mo nighean donn, É ho rì, mo nighean donn, É ho ró mo nighean donn a' chùil réidh; Ribhinn òg a bha leam, Dheanadh còmhradh rium ciùin, Tha mo chridh-s' an duigh trom as do dhéidh. Ged nach fuirich mis' a-staigh Chan eil ach agamsa taigh, Cho math ri taigh anns an àit'; 'S mura a tuit e gu làr 'S mise speuchdach gu bàs, 'S e a nì e an gnothuch mar a tha e math gu leòir. Nuair a thig na 'allrights' air ghluais Agus gun mis' a bhi mu'n cuairt, Nach eil fhios gur e an tuasaid a bhios ann; Chaidh an t-ùrlar o fheum 'S gun do sgaoil e a chéil', Cha fhreagair a bhith leum air na' danns. 'S ann mi-fhín a dhìreachadh Gun téid mi nam shìneadh, On tha e cho ìseal 's cho cam; Ach on a thàinig am fuachd Gun do dh'éirich e suas, A' ruiginn a bhuaileas mo cheann.