Òran Eile air Latha Chùil Lodair
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF232i12 ÒRAN EILE AIR LATHA CHÙIL LODAIR
Beulaiche: Gilleasbuig mac Eàirdsidh Sheumais | Archie MacKenzie
Bàrd: Iain Ruadh Stiubhairt | John Roy Stewart
[Archie MacKenzie:] O gur mis' air mo chràidh
Thuit mo chridhe gu làr
`S tric snighe 'cumail uam léirsinn,
Dh' fhalbh mo chaisneachd-sa bhuam
Cha cluinn mi 'san uair
Gu mall na gu luath 's ni éibhinn.
Dh' fhalbh mo chaisneachd-sa bhuam
Cha chluinn mi 'san uair
Gu mall na gu luath 's ni éibhinn
Mo Phrionns' Teàrlach mo rùn,
Oighre dligheach a' chrùin,
'S e gun fios ciod an taobh a théid e.
A Prionns' Teàrlach mo rùn,
Oighre dligheach a' chrùin,
'S e gun fios ciod an taobh a théid e
Fuil rìoghal nam buadh
Bhith 'ga dìobairt 'san uair
'S mac dìolain le shluagh ag éirigh.
Fuil rìoghal nam buadh
Bhith 'ga dìobairt 'san uair
'S mac dìolain le shluagh Ag éirigh
Sìol a' chuilein a bha,
Gu ro mhath chinnich an t-àl,
Chuir 'ad sinn ann an càs na h-éiginn.
Sìol nan cuilean a bha,
Gu ro mhath chinnich an t-àl,
Chuir 'ad sinn ann an càs na h-éiginn.
Ged a bhuainnich sibh blàr
Cha b' ann' gar cruadal a bha e,
Ach gun ar sluagh-ne bhith 'n dàil le chéile.
Reference sources:
Sar-Obair nam Bard Gaelach, ed. John MacKenzie (1907), p. 290