GF232i12 ÒRAN EILE AIR LATHA CHÙIL LODAIR Beulaiche: Gilleasbuig mac Eàirdsidh Sheumais | Archie MacKenzie Bàrd: Iain Ruadh Stiubhairt | John Roy Stewart [Archie MacKenzie:] O gur mis' air mo chràidh Thuit mo chridhe gu làr `S tric snighe 'cumail uam léirsinn, Dh' fhalbh mo chaisneachd-sa bhuam Cha cluinn mi 'san uair Gu mall na gu luath 's ni éibhinn. Dh' fhalbh mo chaisneachd-sa bhuam Cha chluinn mi 'san uair Gu mall na gu luath 's ni éibhinn Mo Phrionns' Teàrlach mo rùn, Oighre dligheach a' chrùin, 'S e gun fios ciod an taobh a théid e. A Prionns' Teàrlach mo rùn, Oighre dligheach a' chrùin, 'S e gun fios ciod an taobh a théid e Fuil rìoghal nam buadh Bhith 'ga dìobairt 'san uair 'S mac dìolain le shluagh ag éirigh. Fuil rìoghal nam buadh Bhith 'ga dìobairt 'san uair 'S mac dìolain le shluagh Ag éirigh Sìol a' chuilein a bha, Gu ro mhath chinnich an t-àl, Chuir 'ad sinn ann an càs na h-éiginn. Sìol nan cuilean a bha, Gu ro mhath chinnich an t-àl, Chuir 'ad sinn ann an càs na h-éiginn. Ged a bhuainnich sibh blàr Cha b' ann' gar cruadal a bha e, Ach gun ar sluagh-ne bhith 'n dàil le chéile.