Back to recordings

Mo nàire 's mo sgainneal

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF231i34 MO NÀIRE 'S MO SGAINNEAL


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Bha gnàth-fhacal aig banntrach, Mhoireasdanaich, 's e piuthair do Dhòmhnaill Mac a' Phì a bha sin. Agus bha 'ad a' fuireach—a' còmhnaidh far a bheil Mac'IlleBhràtha an-diugh a' còmhnaidh, aig oisein a' rathaid. Agus nuair a bhiodh i 'faicinn rud neònach, rud uabhasach a thachair, rud gàbhaidh dona, [?] a thachair car—a bhiodh mun chuairt air feadh na dùthchadh, ma dh'fhaoidte té a rinn gnìomh neònach no rud air choireigin mar sin. Chanadh i, "Mo nàire 's mo sgainneal".

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile