GF231i34 MO NÀIRE 'S MO SGAINNEAL Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bha gnàth-fhacal aig banntrach, Mhoireasdanaich, 's e piuthair do Dhòmhnaill Mac a' Phì a bha sin. Agus bha 'ad a' fuireach—a' còmhnaidh far a bheil Mac'IlleBhràtha an-diugh a' còmhnaidh, aig oisein a' rathaid. Agus nuair a bhiodh i 'faicinn rud neònach, rud uabhasach a thachair, rud gàbhaidh dona, [?] a thachair car—a bhiodh mun chuairt air feadh na dùthchadh, ma dh'fhaoidte té a rinn gnìomh neònach no rud air choireigin mar sin. Chanadh i, "Mo nàire 's mo sgainneal".