Air fàl ill ò agus ho ro 's eagal leam
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF227i01 AIR FÀL ILL Ò AGUS HO RO 'S EAGAL LEAM
Beulaiche: Mòrag | Sadie Taker
Bàrd: Iain Mhìcheil 'ic Iain Mhòir 'ic Iain Òig | Captain John MacKinnon
[Séist]: Air fàl ill ò agus ho ro 's eagal leam,
Air hu li lo agus ho ro 's eagal leam,
Air f fàl ill ò agus ho ro 's eagal leam
Gu 'n cuir iad am bliadhna 's a' phrìosan an Sidni mi.
Nuair thig Calum Caimbeul
A-nall agus writ aige;
An Camaronach is Tearlach,
'S dàil cha bhiodh agam-sa.
Emslie ag ràitinn
"Cha d' phàidh thu na th' agam-s' ort,"
Is Ghemeil 'san taobh shios dhiom
'S e 'fiachainn ri breith orm.
Calum, an duine uasal,
Fhuair mi rud aige-san;
Cha ghabhadh e pàidheadh,
"Ach sàbhadh tu 's t-Earrach dhomh."
Ochan! mar a tha mise
An-dràsda 'gam fhaireachduinn,
'S ma gheibh mis' am bàs
Gum bi iadsan gun phlancaichean.
Carson a rinn mi diochuimhn'
Mu 'n t-siachaire leibideach—
Cha chaidh e dha 'n t-sìorrachd
'S nach iarr mise deabhar dha—
Chuir e fios am bliadhna
Na fiachan bhith deiseil dha,
A' pàidheadh air a' Bhealltainn—
An t-àm nach robh freagarrach.
Ach ma bheir sibh dàl dhomh,
Pàidhidh mi gun teagamh sibh;
Teannaidh mi ri sàbhadh
O' n b' àbhaist dhomh greis thoirt air;
Ged nach eil mi làidir
Chan aichidh mi beagan dheth,
'S gum beat mi 'n Duine Ban*
Ged is àluinn le Peigi e.
Eoghan mac Iain Theàrlaich,
Mo nàbaidh 's mo charaide,
Thig e nuas a-màireach
Is làir agus daimh aige,
Tha e fhéin làidir,
'S tha sàbh mór, math aige,
Ged chuir Niall Sheumais pìos ás
A' fiachainn ri theannachadh.
Anna 'Ghobha 'n-dràst
Cha bhi àird aic' air carachadh,
Gus an tig a' samhradh
'S am t-àm am bidh 'm bainne againn,—bidh an samhradh an t-àm am bidh bainn' againn, [bhiodh?] adsan a' cuir cattle—
Mar a toir sinn màl dhi
An t-àite chan fhaigh sinne—
Bheireadh i e do Mhàiri,
'S do Phadruig, ma dh' fhanas e.
Chunnaic mise 'n Cùbair
Is smuid aige air baraillean;
Nuair a théid e 'null
Cha bhi cunadh air ceannach aige,
Treacle, is siùcar,
Is gunntaichean cailleago
A chuireas e air Màiri
Mu fàs i ro shean aige.
Notes (fieldnotes):
An Duine Ban - Seumas Eoghain
Reference sources:
History of Christmas Island Parish, Archibald J. MacKenzie (1926), p. 157