GF227i01 AIR FÀL ILL Ò AGUS HO RO 'S EAGAL LEAM Beulaiche: Mòrag | Sadie Taker Bàrd: Iain Mhìcheil 'ic Iain Mhòir 'ic Iain Òig | Captain John MacKinnon [Séist]: Air fàl ill ò agus ho ro 's eagal leam, Air hu li lo agus ho ro 's eagal leam, Air f fàl ill ò agus ho ro 's eagal leam Gu 'n cuir iad am bliadhna 's a' phrìosan an Sidni mi. Nuair thig Calum Caimbeul A-nall agus writ aige; An Camaronach is Tearlach, 'S dàil cha bhiodh agam-sa. Emslie ag ràitinn "Cha d' phàidh thu na th' agam-s' ort," Is Ghemeil 'san taobh shios dhiom 'S e 'fiachainn ri breith orm. Calum, an duine uasal, Fhuair mi rud aige-san; Cha ghabhadh e pàidheadh, "Ach sàbhadh tu 's t-Earrach dhomh." Ochan! mar a tha mise An-dràsda 'gam fhaireachduinn, 'S ma gheibh mis' am bàs Gum bi iadsan gun phlancaichean. Carson a rinn mi diochuimhn' Mu 'n t-siachaire leibideach— Cha chaidh e dha 'n t-sìorrachd 'S nach iarr mise deabhar dha— Chuir e fios am bliadhna Na fiachan bhith deiseil dha, A' pàidheadh air a' Bhealltainn— An t-àm nach robh freagarrach. Ach ma bheir sibh dàl dhomh, Pàidhidh mi gun teagamh sibh; Teannaidh mi ri sàbhadh O' n b' àbhaist dhomh greis thoirt air; Ged nach eil mi làidir Chan aichidh mi beagan dheth, 'S gum beat mi 'n Duine Ban* Ged is àluinn le Peigi e. Eoghan mac Iain Theàrlaich, Mo nàbaidh 's mo charaide, Thig e nuas a-màireach Is làir agus daimh aige, Tha e fhéin làidir, 'S tha sàbh mór, math aige, Ged chuir Niall Sheumais pìos ás A' fiachainn ri theannachadh. Anna 'Ghobha 'n-dràst Cha bhi àird aic' air carachadh, Gus an tig a' samhradh 'S am t-àm am bidh 'm bainne againn,—bidh an samhradh an t-àm am bidh bainn' againn, [bhiodh?] adsan a' cuir cattle— Mar a toir sinn màl dhi An t-àite chan fhaigh sinne— Bheireadh i e do Mhàiri, 'S do Phadruig, ma dh' fhanas e. Chunnaic mise 'n Cùbair Is smuid aige air baraillean; Nuair a théid e 'null Cha bhi cunadh air ceannach aige, Treacle, is siùcar, Is gunntaichean cailleago A chuireas e air Màiri Mu fàs i ro shean aige.