Òran na Tì (III)
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF226i05 ÒRAN NA TÌ (III)
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Agus bha òran eile ann, tha mi smaointinn gur ann thall timcheall na dùthchadh againn fhìn a chaidh a dhéanamh co dhiù. Cha chuala mi ach aig aon neach thall a' sin e agus bha e coltach gur a h-e òran a bhuineadh dha 'n dùthaich timcheall oirnn a bh' ann.
[Séist]: Ho ro gur laghach na mnathan
'S ann aca bha [ là? ] air an tì
Deoch slàinte nam bean a bha 'g ràidhinn
Nach d' thàinig e [ aithghearr? ] dha 'n tìr
Bha cunntais air thoirt air a' mharsantachd ann, an t-uidheam airson tomhais:
Na sgrìoban gu tomhas a' leth-phuinnd
'S na h-eagan gu tomhas a' phuinnd
'S na figurean beaga sin eile,
Ma thig 'ad le geir no le ìm.
Bha ceathramhan ann:
'S gun d' thàinig a' bhean aig Iain Dhòmhnaill
'S gun d' thug i leatha dòrlach dha 'n tì
'S mu 'n d' ràinig i dòigheil a stairseach
Gun dh' éibh [a' bhraideil bhuam "ìm!"?]
Thàinig a' sin an inspector
A' bhean a bh' aig Iain Mac a' Phì
'S gun do chuir i air a' bhogsa dha extra
An nì nach robh cleadhte' a bhith air tì
Sin agad na chuala mi air.