GF226i05 ÒRAN NA TÌ (III) Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Agus bha òran eile ann, tha mi smaointinn gur ann thall timcheall na dùthchadh againn fhìn a chaidh a dhéanamh co dhiù. Cha chuala mi ach aig aon neach thall a' sin e agus bha e coltach gur a h-e òran a bhuineadh dha 'n dùthaich timcheall oirnn a bh' ann. [Séist]: Ho ro gur laghach na mnathan 'S ann aca bha [ là? ] air an tì Deoch slàinte nam bean a bha 'g ràidhinn Nach d' thàinig e [ aithghearr? ] dha 'n tìr Bha cunntais air thoirt air a' mharsantachd ann, an t-uidheam airson tomhais: Na sgrìoban gu tomhas a' leth-phuinnd 'S na h-eagan gu tomhas a' phuinnd 'S na figurean beaga sin eile, Ma thig 'ad le geir no le ìm. Bha ceathramhan ann: 'S gun d' thàinig a' bhean aig Iain Dhòmhnaill 'S gun d' thug i leatha dòrlach dha 'n tì 'S mu 'n d' ràinig i dòigheil a stairseach Gun dh' éibh [a' bhraideil bhuam "ìm!"?] Thàinig a' sin an inspector A' bhean a bh' aig Iain Mac a' Phì 'S gun do chuir i air a' bhogsa dha extra An nì nach robh cleadhte' a bhith air tì Sin agad na chuala mi air.