Back to recordings

Òran na Tì (Seann Òran) (II)

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF226i04 - ÒRAN NA TÌ (SEANN ÒRAN) (II)


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Seann òran an a' seo a thaobh—airson na tì a chaidh a sheinn thall aig an [ ? ] a' cheàrna ás an robh mi fhìn, aig a' Rubha Mheadhanach bho chionn àireamh mhór bhliadhnaichean. Chuala mi seann bhoireannaich a sheinn.


Nuair a thòisicheas an tìm air car—càineadh an tì,
Tha mi 'm barail gum bi thu diùmbach.
Tha 'ad uile 'san tìr, a roghainn as motha, 's e tì
Is a' luibh a's prìseil' a chinn bho thùs i.


'S i deoch leigheas a' chinn nuair a bhiomaid tinn
Dh' òladh tusa cho cinnteach riums' i
'S i deoch mhilis ri òl an àm buain agus feòir
'S tha gach sean agus òg an déidh oirr'.


'S mi gun cuireadh dha 'n stòr an t-airgead no 'n t-òr
Mura biodh ann an còrr géilleadh
Fhuair i urram 'is cliù o Phrionns' Uilleam a' rìgh
Nuair a thug e [a bha ille?] punnd dhi.


Tha ceathramhan eile ann ach tha 'ad air a dhol air, car air seachran orm ach gu robh ann co dhiù:


Ach na rasgail 'ud thall, chan òl 'ad i ann
Nho 'n a thàrr 'ad nan ceann cho dùr e .

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile