GF226i04 - ÒRAN NA TÌ (SEANN ÒRAN) (II) Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Seann òran an a' seo a thaobh—airson na tì a chaidh a sheinn thall aig an [ ? ] a' cheàrna ás an robh mi fhìn, aig a' Rubha Mheadhanach bho chionn àireamh mhór bhliadhnaichean. Chuala mi seann bhoireannaich a sheinn. Nuair a thòisicheas an tìm air car—càineadh an tì, Tha mi 'm barail gum bi thu diùmbach. Tha 'ad uile 'san tìr, a roghainn as motha, 's e tì Is a' luibh a's prìseil' a chinn bho thùs i. 'S i deoch leigheas a' chinn nuair a bhiomaid tinn Dh' òladh tusa cho cinnteach riums' i 'S i deoch mhilis ri òl an àm buain agus feòir 'S tha gach sean agus òg an déidh oirr'. 'S mi gun cuireadh dha 'n stòr an t-airgead no 'n t-òr Mura biodh ann an còrr géilleadh Fhuair i urram 'is cliù o Phrionns' Uilleam a' rìgh Nuair a thug e [a bha ille?] punnd dhi. Tha ceathramhan eile ann ach tha 'ad air a dhol air, car air seachran orm ach gu robh ann co dhiù: Ach na rasgail 'ud thall, chan òl 'ad i ann Nho 'n a thàrr 'ad nan ceann cho dùr e .