Back to recordings

Òran na Tì (I)

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF226i03 ÒRAN NA TÌ (I)


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bàrd: Bàrd Bhaile Mhàrtainn | John MacLean



'Illean a' chomainn a shiubhal an fhairge
Thig agus innis dhomh 'nist anns an aimsir
Cà' 'm faigh thu caileag cho coltach ri seanmhair?
'S tha i air searg le galar na tì.


Nuair a thig am bainne ann an toiseach an t-samhraidh
Gléidhidh na caileagan fasan a' gheamhraidh
Fiacail fhallain 's chan fhaigh thu 'nan ceann
'S na bunan a th' ann air dubhadh le tì


Màthair an leinibh, mu 'n coisich e 'n t-ùrlar
Bheir i dha 'n cupa 'na suidh' air a glùinean
Chan eil i cho mhilis bho 'n theirig a' siùcar
'S bheir ise 'lùth ás uileadh le tì


Chan e 'ad na marsantan uile gu léir
A rinn an droch fhasan do mhnathan a chéile
Ach bodach beag luideach a thàinig á Éirinn
'S chuir e bho fheum 'ad uileadh le tì.


Sin na bheil cuimhn' a'm dheth, tha mi 'n dùil.


Cà' 'm faigh thu caileag 'na suidh' aig na h-éibhlean
Barran mu leth-cheann 's i 'gearan an déididh
Ma gheobh i freagairt gu faigh, 's ann air éiginn
'S bidh i 'na béist mur faigh i 'cuid tì

Reference sources:
Angus Stephen Beaton MSS (PB 1633 U5), Celtic Collection, St. Francis Xavier University, p. 194

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile