GF226i03 ÒRAN NA TÌ (I) Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bàrd: Bàrd Bhaile Mhàrtainn | John MacLean 'Illean a' chomainn a shiubhal an fhairge Thig agus innis dhomh 'nist anns an aimsir Cà' 'm faigh thu caileag cho coltach ri seanmhair? 'S tha i air searg le galar na tì. Nuair a thig am bainne ann an toiseach an t-samhraidh Gléidhidh na caileagan fasan a' gheamhraidh Fiacail fhallain 's chan fhaigh thu 'nan ceann 'S na bunan a th' ann air dubhadh le tì Màthair an leinibh, mu 'n coisich e 'n t-ùrlar Bheir i dha 'n cupa 'na suidh' air a glùinean Chan eil i cho mhilis bho 'n theirig a' siùcar 'S bheir ise 'lùth ás uileadh le tì Chan e 'ad na marsantan uile gu léir A rinn an droch fhasan do mhnathan a chéile Ach bodach beag luideach a thàinig á Éirinn 'S chuir e bho fheum 'ad uileadh le tì. Sin na bheil cuimhn' a'm dheth, tha mi 'n dùil. Cà' 'm faigh thu caileag 'na suidh' aig na h-éibhlean Barran mu leth-cheann 's i 'gearan an déididh Ma gheobh i freagairt gu faigh, 's ann air éiginn 'S bidh i 'na béist mur faigh i 'cuid tì