Shingealaich, shingealaich (agus rannan eile)
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF223i14 SHINGEALAICH, SHINGEALAICH (AGUS RANNAN EILE)
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Shingealaich, shingealaich
Dhachaidh chun do dhìnnearach
Theirig thusa shingealaich
Còmhla ri càch
Theirig thusa shingealaich
Dhachaidh chun do dhìnnearach
Far am bheil a' chulaidh eagail
Am breabadair bàn
Bha tionndadh eile ann, ge be dé seagh a bh' aige-
O bhitheadh saodach
Air a' ghille ghaolach
O bhitheadh saodach
Air a' ghille bhàn
O bhitheadh saodach
Air a' ghille ghaolach
'S bho 'n tha m' uile m'aighear
Air a' ghille bhàn
'S bha rann eile ann - tha 'ad ag ràdhainn gur e Teàrlach Fìdhleir fhéin a rinn e -
Gur e Teàrlach Fìdhleir
A dh'innseadh an fhìrinne
Gur e Teàrlach Fìdhleir
A dh'innseadh mar bha
Gur e Teàrlach Fìdhleir
A dh'innseadh an fhìrinne
Gur e suirghe Mór a' ghobhainn
A dh'fhoghain dhan each Bhàin
Suirghichean, suirghichean
Bidh 'ad a-muigh daonann
Suirghichean, suirghichean
Bidh 'ad a-muigh tràth
Suirghichean, suirghichean
Bidh 'ad a-muigh daonann
Bidh 'ad a-muigh ris a' ghealaich
Feuch a' faigh 'ad fàth
Notes (fieldnotes):
Unsure if all verses are set to the same air.